Day: June 8, 2022

Bánú na nGarbhchríoch, 2022

Alt tábhachtach thíos ó pheann Mhàrtainn Mac A Bhàillidh ar ghéarchéim na tithíochta i nGaeltacht na hAlban a foilsíodh ar an suíomh Bella Caledonia le déanaí. Tá na fórsaí ceannann céanna ag brú aníos ar Ghaeltacht na hÉireann, dár ndóigh. Go bunúsach, caithfear srian a chur ar mhargadh príobháideach na tithíochta nó ní bheidh todhchaí i ndán d’óige na Gaeltachta, bíodh sin in Éirinn nó in Albain:

Tha staing taigheadais dhùthchail ann a tha na fhuadachadh eaconamach den òigridh a thogadh air Gàidhealtachd is sna h-Eileanan. Tha an cruaidh-chàs seo mairbhteach do dh’oidhirpean cànan is cultar na Gàidhlig a ghlèidheadh ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach, is a’ bagairt cur às dhaibh.  

Chan fhaigh an òigridh no teaghlaichean òga cothrom air taighean air a’ mhargaidh fhosgailte. Chan eil sgeamaichean ‘Cuideachadh gus Ceannach’ aig an Riaghaltas, no ‘a’ Bhanntach Eileanach’ nan cuideachadh, cleachdaidh iad airgead poblach gus taic a chur ri àrdachadh phrìsean, a’ toirt seachad maoineachadh poblach do phrothaid phrìobhaideach. Tha e coltach gu bheil mì-thuigse ann air leathad is farsaingeachd na staing taigheadais. Fhad ’s a tha cruaidh fheum air tuilleadh taigheadais shòisealta agus air prìs reusanta, cha fhreagair sin air an duilgheadas structarach, cha chuidich e proifeiseantaich òga a dhol ann an co-fharpais ri luchd-seilbheachd, ri daoine a leig seachad an dreuchd, ri luchd-ceannach dàrna taighean, gus an taigh aca fhèin a cheannach.

Feumaidh gach taigh a thèid a reic ann an Alba ‘Aithris Taighe’ fhaighinn. Nì suirbhidhear clàraichte an aithris seo a dh’innseas cor agus luach an taighe, agus a bheir Teisteanas Dèanadas Lùthais EPC don taigh. Tha a’ phrìs seo air a meas reusanta stèidhichte air cor an taighe agus na margaidh. Ach tha luach ann an taigh eadar-dhealaichte a rèir dè thachras leis. Ma dh’fheumas tu fuireach ann, chan fhaigh thu airgead air ais air. Mas urrainn dhut a chur a-mach air mhàl ann an sgìre far a bheil turasachd luachmhor, nì thu prothaid shusbainteach air a cheadachas prìs nas àirde.

Tha taighean gan reic air an luach mar àitichean-màil, seach an luach mar àitichean-fuirich. Thèid taighean a reic gu tric air prìs còrr is 30% thairis air luach Aithris Taighe. Gus morgaids fhaighinn air taigh, feumar eàrlas air 5-20% den luach a rèir na h-Aithrise Taighe. Tha taighean gan reic an-dràsta, gu tric neo-fhaicte, do dhaoine is do chompanaidhean aig a bheil an t-airgead a phàigheas còrr is 130% den luach len airgead fhèin.

Cha chuir a bhith a’ togail tuilleadh thaighean an aghaidh a’ mhì-chothroim eaconamaich seo. Feumar a’ mhargaidh a riaghailteachadh.

Mar neach-ceannach, feumaidh airgead a bhith agad airson eàrlas eadar 5% agus 20% de luach an taighe, a rèir an t-suidheachaidh agad agus a’ bhanca. Bidh a’ mhorgaids stèidhichte air luach an taighe mar a chaidh a mheasadh san Aithris Taighe. Ma tha tuarastal math gu leòr agad, gheibh thu morgaids suas gu 95% de phrìs an taighe. Bidh a’ mhorgaids a gheibhear stèidhichte air a’ phrìs anns an Aithris Taighe, chan ann air a’ phrìs reic. Tha fèill mhòr air taighean air a’ Ghàidhealtachd, agus tha turasachd a’ ciallachadh gu bheil taighean màil luachmhor, thèid taighean a reic ’son 120 – 150% de luach Aithris Taighe.

Mar eisimpleir, math dh’fhaodte gun tèid taigh le luach Aithris Taighe air £160,000 a reic airson £208,000, 130% den luach san Aithris Taighe. Dh’fheumte eàrlas air 10%, £16,000. Dh’fheumte £48,000 a bharrachd gus 30% thairis air an Aithris Taighe a phàigheadh. Tha seo a’ ciallachadh gum feumadh £64,000 a bhith agad gus an taigh seo a cheannach. Feumaidh an t-airgead sin a bhith agad, a bharrachd air cosnadh àrd gu leòr a leigeas leat morgaids fhaighinn anns a’ chiad dol a-mach. Le taighean màil cho gann agus cosgail, agus gainnead chosnaidhean matha cuideachd, chan eil cothrom aig daoine òga airgead a shàbhaladh

Tha turasachd, tro sheirbheisean leithid AirBnB, a’ toirt dhachaighean air falbh bho choimhearsnachdan. Tha an àireamh thaighean air màl goirid a’ sìor èirigh, leis an Eilean Sgitheanach an t-àite as miosa ann an Alba a thaobh thaighean màil. Tha timcheall air 1000 taigh air màl goirid, 18.6% de na taighean. A rèir figearan na Comhairle, chan eil ach 4500 dachaigh san Eilean Sgitheanach, le còrr is 10,000 a’ fuireach anns an Eilean. ’S e an t-Eilean Sgitheanach an sgìre as miosa an Alba a thaobh dhachaighean anns am bi daoine a’ fuireach làn ùine, 91.6% air a’ Ghàidhealtachd, 95.9% air feadh Alba, ach 81.4% san Eilean.

Tithe atá le fáil ar cíos ar AirBnB agus ar ghnáth-chíos ar Eilean Sgitheanach

Ged a tha cruaidh fheum air barrachd taigheadais shòisealta, tha a’ mhargaidh taigheadais a’ ciallachadh nach fhaigh proifeiseantaich òga, aig a bheil obair mhath, dotairean, nursaichean, tidsearan, ailtirean is innleadairean cothrom air taigh. Chan eil sgeamaichean an Riaghaltais, mar ‘Cuideachadh gus Ceannach’, a’ toirt cothrom dhaibh a dhol an co-fharpais le daoine beartach, is companaidhean turasachd. Aig a’ cheann thall tha na sgeamaichean seo a’ maoineachadh àrdachadh phrìsean le airgead poblach.

Tha coimhearsnachdan feumach air teaghlaichean òga is luchd-obrach. Tha taighean gan reic an-dràsta do dhaoine le airgead a nì airgead asta. ’S e dachaigh do dhaoine a tha a’ fuireach no airson fuireach ann a bu chòir a bhith ann an taigh. Ged a tha turasachd na pàirt chudromach den eaconamaidh, cha bu chòir dhi coimhearsnachd a mhùchadh is a mharbhadh.

Tha cosnaidhean matha gann air a’ Ghàidhealtachd, le tuarastalan meadhanail £1,824 nas ìsle na tha iad an Alba air fad. Tha obraichean aoigheachd gu tric sealach is ràitheil. Tha 13% de mhuinntir an Eilein Sgitheanaich ag obair ann an aoigheachd an taca ri 6.3% aig ìre nàiseanta. Tha 64.4% de dhaoine ag obair ann an aoigheachd a’ cosnadh nas lugha na tuarastal bith-beò. ’S i aoigheachd as ìsle a thaobh pàigheadh an Alba, £8.72 gach uair, fo thuarastal bith-beò. Tha 6.8% de mhuinntir an Eilein an sàs ann an àiteachas is iasgach an taca ri 2% gu nàiseanta.

Cuir ris a seo gu bheil cosgaisean bith-beò nas àirde ann an sgìrean dùthchail. Pàighidh daoine barrachd air màl, biadh, dealan, teasachadh, connadh, agus cosgaisean lìbhrigidh. Chan eil còmhdhail phoblach ro mhath, agus feumaidh daoine siubhal astar mòr, anns na càraichean aca fhèin, gus seirbheisean a chleachdadh. Tha seirbheisean slàinte agus cùraim, gailearaidhean, taighean-tasgaidh, tachartasan spòrs is cultarach uile nas dorra faighinn thuca ach air am pàigheadh tro chìsean. Tha bun-structar dùthchail agus neo-ionannachd eaconamach a’ peanasachadh òigridh air a’ Ghàidhealtachd. ’S e fuadach eaconamach leantainneach a tha seo.

Cuid de na cosgaisean a bharrachd ro mhuinntir na Gàidhealtachd:

+£1,000 gach bliadhna air teasachadh

*Tomhas aig Comann Taigheadais Loch Aillse is An Eilein Sgitheanaich *mus deach prìsean àrdachadh o chionn ghoirid*

+£3,456 gach bliadhna air mhàl

*Màl meadhanail ann an Alba £628pm / ach An t-Eilean Sgitheanach £916pm

+£1,040 gach bliadhna air biadh

*Tomhas tuairmseach £20 gach seachdain air biadh dachaighe

-£1,824 fo thuarastal meadhanail ann an Alba *

+£7,320 nas miosa dheth gach bliadhna


*Tuarastal meadhanail an Alba £25,296, no £527 san t-seachdain, air a’ Ghàidhealtachd £23,472, no £489 san t-seachdain. Tuarastal stèidhichte air 48 seachdain sa bhliadhna. Faic aithris HIE.

Iomraidhean:

https://www.highland.gov.uk/downloads/file/11092/profiles_for_council_wards

https://www.airdna.co/vacation-rental-data/app/gb/scotland/highland/skye/overview

https://www.gov.scot/publications/research-impact-short-term-lets-communities-scotland/

https://www.gov.scot/publications/short-term-lets/

https://www.hie.co.uk/media/3048/occupationalplussegregationplusinplustheplushiplus-plusareaplusreportsplus-plushighlandplus-a2750664.pdf

https://digitalpublications.parliament.scot/ResearchBriefings/Report/2021/2/19/32a8c620-b227-4951-b642-44fe823009d1#43d4dae3-ac86-444b-8354-9a6dea331e3d.dita

https://digitalpublications.parliament.scot/ResearchBriefings/Report/2021/2/19/32a8c620-b227-4951-b642-44fe823009d1#ccad163f-8dcf-4e23-b36e-617e3053dd32.dita

https://www.gov.scot/binaries/content/documents/govscot/publications/statistics/2018/11/summary-of-earnings-statistics-2018/documents/annual-survey-of-hours-and-earnings-2018-slides/annual-survey-of-hours-and-earnings-2018-slides/govscot%3Adocument/ASHE-slides-2018.pdf

https://www.gov.scot/binaries/content/documents/govscot/publications/strategy-plan/2016/10/action-plan-deliver-affordable-warmth-rural-scotland-proposed-scottish-rural/documents/00508122-pdf/00508122-pdf/govscot%3Adocument/00508122.pdf

https://www.scotsman.com/business/how-much-does-it-cost-live-scottish-island-1475888